Mo Chiad Blog Gàidhlig!

Bha làn thìd agam smuaineachadh air, ach ‘ se seo a chiad uair a-riamh a sgrìobh mi blog ann an Gàidhlig! Bu chaomh leum tòrr mòr a bharrachd sgrìobhadh Gàidhlig a dheanamh, ach mar is tric, chan eil càil gam ghluasad gu leòr airson fiu’s feuchainn air.

Thòisich mi a’ sgrìobhadh leabhar chloinne ann an Gàidhlig nuair a bha mi ag obaor ann an Uig, ach cha deach mi faisg air airson bliadhna neo dhà. Tha làn thìd agam tilleadh thuige. Leugh mi troimhe an latha eile agus chòrd e rium, agus chòrd e ri daoine eile ris an do sheall mi e cuideachd. Na smuaineachainn air dòigh airson crìoch a chuir air an donas rud, ‘s dòch’ gun gabhainn orm a thogail an àrd air ais.

Tha cus agam ri dhèanamh an drasd, ‘s mi gus a dhol as mo chiall le deanamh deiseil airson a’ Mhòd ionadail. Agus mar as àbhaist, tha mi seachd searbh sgith dha na h-òrain a chaidh a thaghadh, gu sonraichte ‘Griog Shuil’. Luiginn sgal a thoirt dha. Cò a riamh a tha a’ taghadh na h-òrain a tha sin? Chan iad a dh’fhèumas èisteachd riutha a h-uile latha airson còrr air trì miosan…

5 thoughts on “Mo Chiad Blog Gàidhlig!

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s